Bi air do bhrosnachadh – Taighean-bìdh ann am Meadhan a’ Bhaile

Gabh fois bho latha sna bùithtean le bhith a’ stad ann an aon de na h-iomadh cafaidhean, taighean-seinnse agus taighean-bìdh ann am baile-mòr Pheairt. Bho chofaidh math agus sgonaichean blasta mar a dhèanadh do sheanmhair, gu àiteachan-bìdh dà ròsag air bruachan na h-aibhne, lorgaidh sibh arm de chòcairean agus luchd-frithealaidh a bhuannaich mòran duaisean agus a chumas sibh làn agus toilichte.  

Nuair a tha ruith nam bùithtean seachad – no mar bheagan togail letheach troimhe – dèan air aon de na bàraichean lìonmhor no taighean-seinnse airson glainne fìona, glainne de lionn fuar spaideil no geinealag air a measgachadh a dh’aon ghnothaich dhut. Chan eil an seo ach taghadh beag de na tha ri the ’s ri òl sa bhaile agus lorgaidh sibh gu leòr àiteachan eile nuair a thig sibh. 

Cleachaibh ur Cairt Tiodhlaic Pheairt: Tha mòran de ar cafaidhean, bàraichean is taighean-bìdh a’ gabhail Cairt Tiodhlaic Pheairt. Ma tha sibh air a bhith fortanach tè fhaighinn, carson nach toir sibh treat dhuibh fhèin fhad ’s a tha sibh anns na bùithtean. 


Café Tabou

Air a mheas le muinntir Pheairt agus tarraingeach do luchd-tadhail, tha am brasaraidh Frangach seo ann an ceàrnaidh nan cafaidhean ann am Peairt na thaigh-bìdh far a bheil biadh fìor mhath air ullachadh gu sgileil agus air a fhrithealadh le cùram. An seo, tha biadh ana-bhlasta air a bhrosnachadh le grìtheidean ùra seusanail de àrd-chàileachd bho sholaraichean sa bheil earbsa, a’ cruthachadh àite don tig sibh airson biadh math tron latha no air an oidhche, le taghadh agaibh de àiteachan suidhe fàilteach a-muigh agus a-staigh.  

Tha an Cafaidh Tabou air a ruith leis an teaghlach agus na h-eòlaichean bìdh, Kasia agus Dawid Bednarik, agus tha dìoghras mu bhiadh math agus seirbheis choileanta a’ tighinn tro gach nì a tha iad a’ dèanamh. A’ co-mheasgachadh nan nithean as fheàrr ann am biadh na h-Alba le tàlant airson biadh mòr-thìreil, ’s e biadh bistro Frangach le caran Albananch, a bhuil. Feuch tost Frangach le caineal, siorap malpais agus hama bhrisgeanach airson do bhracaist, no roghnaich diathad à la carte le coquilles saint-jacques air a leantainn le bouillabaisse – stiubha èisg a Provence a thàinig à Marseille bho thùs – agus brûlée uachdair le caramal saillte airson mìlsean. Tha clàr-bìdh sàr-mhath stèidhichte ri fhaotainn cuideachd.  

Tha an liosta fìona ann am farpais ri geinealagan ainmeil Cafaidh Tabou, no dè mu dheidhinn an lionn-ubhal speisealta aca fheuchainn, a thugadh a-steach às a’ Bhreatainn Bhig? Eadar gu bheil thu a’ stad airson deoch nad shuidhe a-muigh air a’ bharraid no gad shuiudheachadh fhèin a-staigh airson comharrachadh deagh bhiadh, tha luchd-tadhail Cafaidh Tabou an-còmhnaidh ann an làmhan comasach agus tàlantach.   

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Cafaidh Tabou.


North Port

Tha taigh-bìdh North Port suidhichte gu goireasach ann an ceàrnaidh ealain gnìomhaidh Pheairt ri taobh Talla Mhòr Pheairt, agus dìreach sìos an rathad bho Thaigh-cluiche Pheairt.  Suidhichte ann an togalach eachdraidheil a bha air a chleachdadh aig aon àm mar àite-fuirich do sheòladairean, is e gnothachas teaghlach a th’ ann an North Port a-nis, a’ tabhann tachartas ithe co-aimsireil ann an suidheachadh cofhurtail agus foiseil. 

Dh’fhosgail an taigh-bìdh ann an 2014 leis an ùinear-còcaire Anndra Moss a’ stiùireadh na slighe sa chidsin agus Karen a’ cumail rian sna h-àiteachan eile. Tha iad a’ speisealachadh ann am biadh a tha dèante le grìtheidean Albannach, a’ cleachadh an toraidh as fheàrr a tha ri fhaotainn bho luchd-fàis, luchd-briodachaidh, solaraichean agus tuathanaich ionadail, agus air a làimhseachadh gu h-ealanta airson biadh blasta. Tha càileachd an roghainn ghlasraicheach gu h-àraid iongantach – dh’fhaodadh fiù an itheadair feòla as motha a th’ ann a bhith air a thoirt gu aon taobh le caramelised celeriac le crumbail ubhal, seilearaidh agus aiteann … no ’s dòcha gun dearbhadh gum biodh staoig asna an Eilein Duibh le sliseagan ro bhuaireach!

Tha luchd-frithealaidh bhùird gu h-àraid fiosraichte mun chlàr-bìdh, agus tha roghainnean bìdh ro-theatar agus ithe prìobhaideach ri fhaotainn. Rach gu co-fhurtachd a’ phrìomh sheòmar-bìdh air a sgeadachadh ann am pannalan dorch daraich, solais choinnlean agus staidhre chuairteach, no cuir an ‘Seòmar Tatha’ mu seach, a tha air a dhèanamh suas às ùr gu snasail agus freagarraich an clàr-bìdh mar as miann leat don bhuidheann agad.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air North Port.


Taigh-bìdh Ìnnseanach Tabla 

Airson blasad de na h-Ìnnseachan aig cridhe na h-Alba, tha a’ chòcaireachd bhunasach dhachaigheil a tha air a thabhann le Swarna agus Praveen Kumar ann an Taigh-bìdh Ìnnseanach Tabla air an t-Sràid Dheas ann am Peairt doirbh a bheatadh. Air fhosgladh ann an 2009, tha Tabla ainmeil airson a bhiadh Ìnnseanach ùr bunasach agus air duaisean gun chunntas fhaighinn, a’ gabhail a-steach ‘Còcaire na Bliadhna’ aig na Duaisean Thaighean-bìdh Àisianach, duais ‘Taste our Best’ bho VisitScotland agus Ròsag AA còig bliadhna às dèidh a chèile. 

Tha Swarna agus Praveen ag amas air an eòlasan bìdh a’ fàs suas air an tuath sna h-Ìnnseachan, a chur an gnìomh le bhith ag ullachadh gach biadh às ùr a’ cleachdadh ghrìtheidean air an toradh gu h-ionadail. Tha an fheòil agus am biadh-mara air fhaotainn ann an Siorrachd Pheairt agus tha a’ ghlasraich air a fàs an seo cuideachd. Tha na spìosran gu bunasach bho achaidhean an teaghlaich ann an ceann a deas nan Ìnnseachan. 

Is e gnothachas teaghlaich a th’ ann an Tabla a’ frithealadh biadh a tha dlùth do an cridheachan, air ullachadh le aire air mionaideachd agus air a riarachadh ann an àite fàilteachail le cidsin fosgailte agus seirbheis chàirdeil agus èifeachdach. Tha roghainn glasraicheach, bhìogan agus saor bho ghlutain air a’ chlàr-bìdh, agus tha clàr lìbhrigidh agus toirt-air-falbh ri fhaotainn cuideachd. 

Coimheadaibh a-mach airson an raoin de bhiadh reòithte aig Praveen Kumar, no faodaidh sibh fiù reasabaidhean Praveen fheuchainn  – ionnsaichibh bhon duine fhèin ann an Sgoil Chòcaireachd  Ìnnseanach Praveen air Rathad Dhùn Èideann, clasaichean a-nis fosgailte airson clàradh! 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Taigh-bìdh Ìnnseanach Tabla.


An Dà Chihuahua (Gringos) – Bàr is Taigh-bìdh Biadh Sràide Laideann-Aimeireaganach

Ma bhios sibh ann an ceàrnaidh chafaidhean Pheairt a’ coimhead airson biadh math ann an àite le àile fhoiseil Laideann, theirigibh dìreach gu Bàr is Taigh-bìdh An Dà Chihuahua (Gringos) san togalach ùr aca air Sràid Eòin. A’ speisealachadh ann anm biadh sràide blasta ùr à Meagsago agus Aimeireaga a Deas, is e seo an dearbh spot airson suidhe air ais agus a bhith aig fois. 

Tha An Dà Chihuahua dìoghrasach mu chleachdadh air tapas air an ùr ullachadh, geinealagan dèante san àite agus àile spòrsail is neo-àbhaisteach, gus beagan fois a thoirt dhuibh bhon ghnàth-shìde chaochlaideach againn an seo ann an Alba! Air a sgeadachadh ann an dathan soilleir, solais bheaga agus ceòl sràide Laideann Aimeireaganach a’ cur ris an àile. 

Dèan taghadh bho burritos, tacos, empanadas agus enchiladas le measgachadh de lìonaidhean làn blasta, no nithean speisealta nan ceannaichean sràide leithid sgiuthar circe, piobaran milis air an lìonadh agus air an ròstadh, no nachos air an lìonadh airson an roinn a-mach. Bu chòir do Churros no banana bogte ann am bainne agus ‘wrap seoclaid’ faochadh a thoirt don fhiacail mhilis agad. Biadhan glasraich, bhìogan agus saor bho ghlutain rim faotainn cuideachd. 

Mu dheireadh, cùm sùil a-mach airson bus Gringo – tha e air ghluasad, a’ riarachadh biadh teth blasta airson ithe nuair a tha thu a-muigh agus mun cuairt ann am Peairt. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air An Dà Chihuahua.


63 Sràid Thatha

Chaidh 63 Sràid Thatha a stèidheachadh ann an 2007 le Graeme Pallister a rugadh ann an Siorrachd Pheairt, an uair sin air a sgeadachadh le duais chliùiteach “Còcaire na Bliadhna” aig Duaisean ainmeil Catering in Scotland agus air a mholadh leis a bhreithniche bìdh, Joanna Blythman, mar “aon de na còcairean as earbsaiche san dùthaich”. Chan eil a leithid sin de mholaidhean air am maidseadh ach leis na daoine air an t-sràid, a tha a’ daingneachadh 63 Sràid Thatha mar thachartas ithe grinn nach bu chòir a chall. 

Stèidhichte an cois Abhainn Thatha ann am meadhan baile-mòr Pheairt, tha seòmar-ithe grinn an taigh-bìdh a’ taisbeanadh sheallaidhean àlainn tarsainn gu Cnoc Cheann Iùil agus a dh’aindeoin a chliù a thaobh dhuaisean, is e àite blàth, foiseil agus fàilteachail a th’ ann. Tha Graeme agus a sgioba bheag ag amas air a’ bhiadh aca a chumail ionadail, onarach agus sìmplidh, agus aig an aon àm a’ taisbeanadh a’ bhìdh as fheàrr a tha ri fhaotainn ann an Alba.  

Tagh an clàr stèidhichte ‘4 airson £24’, ceithir chùrsaichean cothromaichte gu foirfe a tha rim faotainn còmhla ri fìon. No ròghnaich an clàr stèidhichte ‘Just Feed Us’ agus gabh tlachd à còig chùrsaichean (no sia le càise) a riaraicheas a’ mhiann as motha. Tha liosta shònraichte de dheochan air a thaghadh, a’ cuimseachadh air àrd-chàileachd a thuilleadh air bun-tùs agus seasmhachd,  agus a’ gabhail a-steach geinealagan fìor shònraichte, sineubharan Albannach, lionnan agus lionn-ubhal ionadail.

Airson amannan speisealta, faodaidh tu seòmar-ithe prìobhaideach a chur mu seach airson suas ri 40 neach, agus tha raon de eàrlasan tiodhlaic ri làimh cuideachd mar threat do charaidean is teaghlach. Tlachdmhor do luchd-bìdh, tha 63 Sràid Thatha a’ tabhann rudeigin fìor speisealta dhut airson tlachd a ghabhail às agus a chumail air chuimhne airson ùine mhòr às dèidh sin. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air 63 Sràid Thatha.


Taigh-bìdh Kisa

Dh’fhosgail Taigh-bìdh Kisa, a thaighean-bìdh eile air am meas gu mòr mar-thà ann an Ceann Rois agus Uachdar Àrdair, a dhorsan ann am meadhan baile-mòr Pheairt ann an 2015. Dìreach ri taobh an Talla Consairt agus faisg air bùithtean meadhan a’ bhaile, tha Kisa air e fhèin a stèidheachadh gu math luath mar an ceann-uidhe àbhaisteach airson lòn aotrom, biadh ro-theatar, biadh subhachais no deochan còmhla ris na nigheanan.   

Tha na sealbhadairean Sam agus Kim Wightman air taigh-bìdh agus bàr fìona a stèidheachadh a tha gun strì a’ solarachadh biadh air ùr dhèanamh fad an latha a h-uile latha, air a chomh-lìonadh le seirbheis bharraichte agus àile bheothail baile-mòr. Tha clàr-bìdh làitheil Kisa a’ tabhann dheochan fuara is teth, bracaistean speisealta, greimeagan beaga agus truinnsearan roinnidh, mìlseanan agus mòran a bharrachd. Tha clàr-bìdh a dh’aon ghnothaich ri fhaotainn do chlann agus thathar a’ frithealadh riatanasan bìdh agus aileirdseanan. Air an fheasgar, bidh an taigh-bìdh a’ toirt dhut am biadh àbhaisteach as fheàrr agus as earbsaiche a thuilleadh air a bhith a’ toirt a-steach raon de bhiadhan ùra brosnachail a bharrachd, air an dealbhadh leis an àrd-chòcaire, Sam, gus cluich leis na gucagan-blais agad! 

Lorgaidh tu àiteachan suidhe cofhurtail a-muigh aig Kisa (tha fàilte ro choin) agus tha eàrlasan tiodhlaic sùbailte rim faotainn. Clàraich airson do bhiadh air-loidhne no dìreach tadhal a-staigh airson deoch no dhà san t-seòmar-suidhe. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Taigh-bìdh Kisa. 


Cardo

Dh’fhosgail an taigh-bìdh Meadhan-thìreach seo a dhorsan an toiseach air an t-Sràid a Deas mar  Pig’Halle, air ais ann an 2006, agus stèidhich iad an cliù glè luath airson biadh fìor bhlasta a’ cur thairis le dath agus blasan aimsirean nas blàithe. Leig an teaghlach Tabourel le an dualchas mòr-thìreach a thighinn troimhe anns a’ chlàr-bìdh eadar-mheasgte aca, a tha loma-làn de ghrìtheidean ùra air am fàs gu h-ionadail. 

Bidh an clàr an seo ag atharrachadh a rèir an toraidh a tha an an seusan, agus tha am bòrd speisealtan làitheil an-còmhnaidh tarraingeach. Bidh pasta, piotsa, burgaran agus sailead a’ farpais ri mart-fheòil an Eilein Duibh air a thoirt dìreach dhen a’ ghrìosaich, agus iasg, maoraich is biadh-mara a’ chosta an iar. Feuch pluicean muic-fheòil Iberico ann an stiubha airson tòiseachadh, agus cò b’ urrainn ‘le café gourmand’ a dhiùltadh – ceithir pastraidhean beaga le teatha no cofaidh – airson crìochnachadh?

Tha feòil Cardo a’ tighinn bhon bhùidsear dhuaisean, Iain MacEanraig à Gleann Rathais, le iasg agus maorach a’ tighinn dìreach bho Sheòras Caimbeul ’s a Mhic ann am Peairt. Tha aran, pastraidhean agus piotsathan gam fuine air an làraich, agus na caill na macarunan Chardon aig Cardo fhèin, dèante san togalach agus do-dhèante an seachnadh. 

Gabh tlachd às an àile chofhurtail agus an sgeadachadh ùr san taigh, no dèan nas urrainn dhut den bhiadh toirt-air-falbh aig Cardo agus a sheirbheis lìbhrigidh airson ithe aig an taigh.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Cardo.


The Bulldog Frog

Tha fear ùr san àite - The Bulldog Frog – air boil a bhrosnachadh mun bhaile omn dh’fhosgail iad air Sràid Mheithinnidh a Deas ann am Peairt ann an 2021, agus air a dhol air adhart a bhuannachadh an t-seòrsachaidh airson ‘Gnothachas as Fheàrr ann am Peairt’ aig Duaisean Gnothachais na h-Alba sa bhliadhna cheudna! Soirbheachadh le deagh airidh do sgioba Bulldog Frog.

Is e gnothachas teaghlaich a tha seo leis na sealbhadairean Graham Dunbar agus Jessie Meehan a’ stèidheachadh àite tarraingeach le ceòl measail agus àile fhoiseil. Tha an taigh-bìdh a’ dèanamh uaill à biadh math teth, cuibhreannan fialaidh agus seirbheis chàirdeil luath. 

Tha bracaist ga riarachadh bho 7-11m agus tha liosta ghrìtheidean cho mòr ri do chàil leis a’ bhracaist sgeileid agus glasraich. Faodaidh tu nithean a bharrachd a chur ris mas e do thoil, a’ gabhail a-steach do roghainn de shabhsan agus spìosrachadh, no feuch bracaist burrito, uighean benedict no Bulldog Frog Madame!

Tha coltas cuideachd nach fhàg Lòn eadar 11m agus 4f sibh leis an acras, le burgaran blasta ann am bonnach brioche le sìol sesame, cearc ròsta le sliseagan agus dirty dawgs air a’ chlàr-bìdh. Tha biadhan speisealta seachdaineach rim faotainn, sliseagan DIY (tagh do lìonadh fhèin) agus deochan-bainne milis fialaidh.

Air an aithneachadh mar an t-àite bìdh as ùire ann am Peairt, thoir sùil air oidhche Haoine anmoch agus faigh a-mach cò mu dheidhinn a tha daoine a’ bruidhinn. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air The Bull Dog Frog.


Breizh

Tha an taigh-bìdh bun-tùsail Frangach seo air Sràid Àrd Pheairt a’ sònrachadh ann am biadh traidiseanta blasta bho cheann a tuath na Frainge, agus ’s e an t-aon àite a dhol airson crêpe Bretonach air ullachadh gu foirfe. Bidh an còcaire Damian a’ riaghladh sa chidsin agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil an clàr-bìdh air a thogail timcheall air toradh ùr ionadail, le biadh buaireach speisealta ag atharrachadh gach latha air a’ bhòrd dhubh.

Tha na clàran-bìdh airson lòn is diathad Breizh a’ tabhann phiotsathan teth bhon àmhainn a’ losgadh fiodh, agus galettes air an lìonadh le nì sam bith bho mharag dhubh le sabhs ubhal agus calvados flambé gu hama, càise gruyere agus ugh air a ròstadh; feusgain le sliseagan brisgeanach, saileadan, ceapairean agus staoigean le slisgean mòra no buntàta dauphinoise. Cha ghabh na mìlseanan,   crêpes agus sundaes an diùltadh, agus tha clàr-bìdh na cloinne air a dheilbh gus a bhith freagarrach do chàil dhaoine òga. 

Càirdeil, blàth agus fàilteachail, tha sgioba Breizh a’ cur fàilte oirbh a-steach airson cofaidh is pastraidh, geinealagan air a’ bharraid a-muigh, diathad trì chùrsaichean agus deochan, cruinneachadh còmhla le chèile ris an robhar a’ feitheamh o chionn fhada.  

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Breizh


Taigh-òsta Everest 

Dh’fhosgail Taigh-òsta Everest a dhorsan ann am meadhan baile-mòr Pheairt ann an 2014, a’ tabhann rudeigin gu math eadar-dhealaichte le biadh Himalayach agus modh-obrach ùr a thaobh còcaireachd traidiseanta Nepàlach agus Ìnnseanach.

Tha sgeadachadh grinn an taigh-bìdh le solais bhoga agus anairt-bùird fìor-gheal air na bùird a’ cur cudromachd ris an lòn agad no ris an fheasgar dheth agad, agus mar bhuannaichean na Duais Coiridh Albannach as Fheàrr airson grunn bhliadhnaichean às dèidh a chèile, tha Taigh-òsta Everest barantaichte gu do bheatha a dhèanamh nas brosnachail le a cho-mheasgachadh speisealta de spìosran cùbhraidh is lusan.  

Tha còcairean Taigh-òsta Everest a’ cur car co-aimsireil sna reasabaidhean aca, agus chan eil iad a’ cleachdadh ach na #grìtheidean ionadail as fheàrr a gheibh iad. Tha am biadh speiisealta biryani ann an riochd Nepàlach air a dhèanamh suas le do roghainn de fheòil, muasgain-caola mòra no glasraich le ris basmati le saffron agus measgachadh beòthail de dh’uinneanan is spìosran. No feuch aon de na  biadhan ainmeil aig a’ chòcaire leithid cearc Nepàl, air a còcaireachd le cnò-chòco, cardamom uaine agus slisean mango.  

Tha a h-uile nì bho chearc theth chilli gu korma uachdarach fuar ri fhaotainn. Tha nithean eile rim faotainn a tha freagarrach do chlann agus tha roghainnean glasraicheach agus bhìogan sgrìobhte air a’ chlàr-bìdh. Nam b’ fheàrr leat fois a ghabhail aig an taigh, dìreach theirig air-loidhne gus lìbhrigeadh no toirt-air-falbh òrdachadh. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Taigh-òsta Everest.


Taigh-bìdh Jade Garden 

Tha an taigh-bìdh traidiseanta seo air a ruith leis an trìtheamh ginealach den aon teaghlach, air a bhith mar phàirt den àite air Sràid Scott ann am Peairt airson còrr air 40 bliadhna, a’ frithealadh biadh ana-bhlasta agus bun-tùsach Sìonach, Thai-ach agus Indonesianach. Mar aon de na gnothachasan as fhaide seirbheis ann am Peairt, tha àite sònraichte aige ann an cridhe agus inntinn mluath. hòran theachdaichean ionadail a bhios a’ tilleadh an seo a-rithist agus a-rithist. 

Thoir ceum a-steach tro na dorsan dùbailte agus chì thu anairt bùird fìor-gheal air na bùird, sgeadachadh dearg is òir agus seirbheis chàirdeil luath. Tha an clàr-bìdh farsaing is tarraingeach air a thogail timcheall air feòil bho na bùidsearan DG Lindsay & Son ann am Peairt, iasg seasmhach bho mhòr-reiceadairean Mara, agus glasraich ùr bhon Bhàsàr Mheasan aig Màrtainn dìreach bloca thaighean air falbh. Gabhaidh biadhan a bhith air am freagarrachadh gu furasta gus dèiligeadh ri riatanasan sònraichte bìdh, agus biadhan chloinne airson càil dhaoine òga.  

Faodar cuirmean agus tachartasan a chur an òrdugh ro-làimh agus tha karaoke ri fhaotainn taobh a-staigh seòmraichean an tachartais – siuthad, tha fios agad gu bheil thu air a shon! Ith a-staigh, thig a-steach airson biadh air bois no cuir a-steach d’ òrdugh lìbhrigidh air a’ fòn no air-loidhne.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, clàran-bìdh agus uairean fosglaidh, tadhailibh air Jade Garden.