Bi air do bhrosnachadh le Siorrachd Pheairt: Cuir Eòlas air Nàdar

Tha rudeigin gad chiùineadh sa bhad mu thimcheall a bhith a-muigh agus a’ coiseachd ann an nàdar. Cuir na h-apan cuimhneachd agus na puist-d làitheil ag iarraidh ort gabhail air do shocair às do chuimhne, tha e air a dhearbhadh a-rithist agus a-rithist gu bheil an èadhar ghlan agus farsaingeachdan fosgailte mar a dhà de na nithean as fheàrr as urrainn dhut a dhèanamh gus d’ inntinn, do bhodhaig agus do spiorad a thogail.  

An seo ann an Siorrachd Pheairt, tha Màthair Nàdair air a bhith air leth coibhneil agus tha sinn air ar beannachadh le àrainneachd nàdarra aig ìre chruinneil. Dh’ainmich luchd-leughaidh Rough Guide gu h-oifigeil gur e Alba an dùthaich as bòidhche air an t-saoghal, agus dhuinne, is e Siorrachd Pheairt an t-àilleagan sa chrùn (thoir an aire, tha sinn rud beag bìodach taobhach, ach dh’fheumadh sinn aideachadh mar dhùthaich gu bheil sinn air ar milleadh a thaobh roghainn!)

Tha aon de na h-adhbharan gu bheil ar dealbhan-tìre agus nàdar cho drùidhteach dìreach gu sìmplidh an urra ri ar suidheachadh sa mheadhan. Bho  stùcan bheanntan ceann a tuath Shiorrachd Pheairt gu an talamh ìosal deas air Ceann Rois, faodaidh sibh a bhith cinnteach gun lorg sibh sliosag bheag àlainn de na tha a’ dèanamh Alba na dùthaich a tha aithnichte agus do bheil mòr-spèis.

Tha Loidhne-sgàinidh Crìoch na Gàidhealtachd a’ ruith tarsainn Siorrachd Pheairt bhon ear-thuath gu an iar-dheas, a’ dèanamh suas seòrsa de chrìch eadar an ear-dheas ìosal agus beanntan a’ Mhonaidh Liath san iar-thuath. Tha Gàidhealtachd Pheairt a’ ruighinn mu 3,000 troigh (900 meatair) a dh’àirde, agus am measg nan stùcan as àirde tha a’ Bheinn Mhòr, Beinn Labhair agus Sìth Chailleann – faic an t-artaigil againn mu na Rothaich.  

Tarsainn na roinne gu lèir, lorgaidh tu gleanntan domhainn le mòran dhiubh sa bheil aon de ar 47 lochan – leithid Loch Raineach, Loch Teimheil agus Loch Tatha. Agus eadar na h-àirdean agus na h-ìslean sin tha làraichean bòidheach leithid Monadh Ochail agus na Sidhbheanntan, agus Gleann an t-Srath Mhòir a tha a’ cruthachadh trannsa ìosal còmhdaichte le cuitheachan. 

Aig oirean meadhan baile-mòr Pheairt, tha pàircean Innis a Deas agus Tuath le am plangaidean mòra de fharsaingeachd ghorm, a’ tabhann fois bhon àrainneachd bhailteil. Le cuairtean làn chraobhan, aibhnichean airgid nan ruith agus lòintean a tha nan dachaigh do na h-eòin is bhiastagan, tha na pàircean àlainn sin aig gach ceann de Shràid Tatha a’ taisbeanadh nan dealbh as fheàrr ann an nàdar. 

Gun teagamh, anns an àrainneachd nàdarra loma-làn seo tha cuid den fhiadh-bheatha as mìorbhailich ann an Alba – bho na seilleanan agus dealain-dè ann an saoghal nam biastagan gu druidean, ealachan, crùidein agus mamalan tearc leithid bìobharan agus feòragan ruadha, tha ùine air a chur seachad nar sgìre ghlòrmhor na dhòigh mhìorbhaileach air ceangal a dhèanamh le nàdar. 

Tilg a-steach ar n-amannan beòthail dol-fodha is èirigh grèine, na seusanan sìor chaochlaideach, fèidh ruadha a’ ruith saor, agus cruth-tìre iongantach, tha e furasta fhaicinn carson a tha a bhith a’ cur seachad ùine ann an Siorrachd Pheairt gu tur os cionn gach roghainn eile! 

Nas fheàrr na nì, tha prìsean a’ tòiseachadh aig AN-ASGAIDH! 

Faic cuideachd:


Èiceo-Museum Cheathairne agus Slighe Cheathairne 

Air feadh Siorrachd Pheairt

Is e taigh-tasgaidh às aonais bhallachan a th’ ann an Èico-Museum Cheathairne. Suidhichte air Loidhne-sgàinidh Crìoch na Gàidhealtachd, a tha a’ roinn Gàidhealtachd na h-Alba bhon Ghalltachd, tha an taigh-tasgaidh a’ rannsachadh eachdraidh saidhbhear daonna na sgìre  … gun aon fhuigheall ann an cèis ghlainne ri fhaicinn.  Tha gach ball-taisbeanaidh an seo air a’ bhlàr a-muigh agus gabhaidh iad faighinn thuca ann an càr, rothair no air chois. 

Faodaidh tu slighe ro-òrdaichte a leantainn no a dhol do shlighe fhèin.  Tha làrach-lìn Èico-museum Cheathairne a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh farsaing air gach aon de na clàran-siubhail a tha air am moladh agus ’s e an t-àite as fheàrr airson fiosrachadh fhaotainn mu astar, cruth-tìre, ùine, àiteachan tòiseachaidh is crìochnachaidh agus prìomh ghoireasan air an t-slighe.  

Tha ‘Turas air an Eireachd’ ann far am faigh thu an sgeulachd mu dheidhinn nam muilnean-aodaich shoirbheachail a bha ann am Blàr Ghòbhraidh aig aon àm, a’ toirt ùine coiseachd de 1.5 gu 2 uair a thìde.  Tha Oighreachd Bamff agus Pròiseact Fiadh-bheatha Bamff gad thoirt sìos earrann de Shlighe Cheathairne – slighe fhada ainmeil a tha a’ trasnadh na crìche eadar Siorrachd Pheairt agus Machaire Aonghais. 

Cuir dùbhlan romhad fhèin leis an ‘Dàn’-thuras Rothair Rathaid Gran Fondo Cheathairne le seallaidhean mìorbhileach, àiteachan cofaidh gu leòr, agus mu 109km no 6 gu 7 uairean a thìde san dìollaid. No dè mu dheidhinn ‘Slighe thaitneach Snowroads’, a’ falbh sa chàr à Blàr Ghòbhraidh agus a’ dràibheadh sìos rathaidean mall, an dòigh as fheàrr air tlachd a ghabhail às na seallaidhean bòidheach agus na h-àiteachan eachdraidheil air an t-slighe. 

Tha roghainn aig Èico-museum Cheathairne a tha freagarrach do gach aois agus comas, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail fìor thlachd a ghabhail à dualchas nàdarra is chultarach na sgìre seo. 

•    Am baile as fhaisge: Air feadh Siorrachd Pheairt
•    Amannan fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.cateranecomuseum.co.uk


Nature Nuts

Blàr Ghòbhraidh

Stèidhichte ann am Blàr Ghòbhraidh, tha am buidheann èico-turas Nature Nuts air misean gus nàdar a tharraing nas dlùithe dhuibh. Le Bob Smith aig an stiùir, tha Nature Nuts a’ frithealadh gach aois agus comas agus a’ lìbhrigeadh thursan ionadail a tha air an dealbhadh gus fiadh-bheatha eadar-mheasgte agus iongantach Shiorrachd Pheairt a rannsachadh. Tha dìoghras Bob a thaobh nàdar agus a chuid fiosrachaidh mionaideach is farsaing mu bheathaichean fiadhaich agus an àrainnean, a’ deàlradh troimhe gus na tursan sin a dhèanamh annasach agus neo-àbhaisteach.

Bheir foighidinn agus sàmhchair aig àite-falaich fiadh-bheatha Nature Nuts, thugad duaisean saidhbhear: bidh na taghanan an-còmhnaidh a’ tadhal air an oidhche agus uaireannan feasgar, an coltas tarraingeach a’ breugadh an cuid comais air sealg. Ionnsaich gach nì mu dheidhinn nam murtairean leanabanach sin air Turas nan Taghan agus feuch rin glacadh air camara nuair a thig iad suas faisg. Dh’fhaodadh gum faic sibh creutairean eile aig an àite-falaich cuideachd: feòragan ruadha, sgreuchagan-coille, snaganan-daraich, cailleachagan agus fiù clamhain. 

Tha meas air na tursan Bìobhair a bhios gur cur an aithne do na beathaichean beò-ghlacmhor sin ri taobh na h-aibhne, le Nature Nuts ealanta air inbhich, bliadhnaich is ògain a dhearcadh. Tha Bob air còrr air 2000 neach-tadhal a thoirt a dh’fhaicinn nan coloinidhean bìobhair ionadail aige, le ìre de sheallaidhean orra a tha sàr-mhath. 

Feuch turas sònraichte Munro Magic, agus an sreap air a chur air dòigh a dh’aon ghnothaich don bhuidheann agad. Sìn do chasan gus cothrom fhaighinn air tarmachan, maighichean beinne, fèidh ruadha, ruadh-chearcan, druidean-monaidh agus còmhnaichean beinne eile fhaicinn, a thuilleadh air tlachd fhaotainn às na seallaidhean àrda sin. 

A thuilleadh air sin, tha Nature Nuts a’ tabhann Tursan Adorable Adders, Black Grouse Lek, agus safàraidh fad-latha.  

Am baile as fhaisge: Blàr Ghòbhraidh

Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.nature-nuts.org


Safàraidhean Loch Tatha

Obar Pheallaidh

Aig còig mìle deug a dh’fhaid, is e Loch Tatha an loch as motha ann an Siorrachd Pheairt agus aon de na lochan as doimhne ann an Alba. Suidhichte am measg cruth-tìre dhràmadach agus sreath bheanntan drùidhteach Bheinn Labhair gu tuath, tha na h-uisgeachan sin a’ taisbeanadh na tha air fhàgail de thuineachaidhean daonna a tha mìltean de bhliadhnaichean a dh’aois. Le sealladh nas fhaisge, chithear eachdraidh fhada luchd-còmhnaidh an locha, a dualchas agus beul-aithris, agus tha Safàraidhean Loch Tatha nan dòigh fhoirfe air tuilleadh fhaiginn a-mach. 

Theirigibh air bòrd an ‘Iolaire’, bàta cuairt-mara ùr-nodha le 12-suidheachan agus le ceabain co-fhurtail air a theasachadh agus dà einnsean a tha comasach air do ghiùlain tarsainn an uisge aig 45 mìle san uair – is i an t-soitheach as motha agus as luaithe air Loch Tatha. Tha àrd-ùrlaran amhairc aig an aghaidh ’s aig a’ chùl a’ toirt dhut ionad-fradhairc gun choimeas fhad ’s a tha thu a’ faighinn a-steach faisg air earrannan de bhruach an locha as àbhaist a bhith do-ruigsinneach.   

Gabh fòis air an deic fhad ’s a tha an sgiobair a’ roinn leibh a chuid eòlais is fiosrachaidh is dìoghrais don sgìre agus a h-eachdraidh. Thèid sibh seachad air Eilean Banrigh Sybilla, tadhailidh sibh air baile trèigte Labhair agus coimheadaibh airson crannagan àrsaidh – àiteachan còmhnaidh bho linn an iarainn – le còrr air 20 dhiubh a tha air an comharrachadh ann an Loch Tatha.  

Tha Safàraidhean Loch Tatha freagarrach do gach aois agus tha seòlaidhean cunbhalach grunn tursan san latha le prìsean lasaichte do theaghlaichean. Tha eàrlasan tiodhlaic rim faotainn, a tha dligheach airson 24 mìosan, agus faodaidh sibh cuideachd an Iolaire a bhucadh airson turas sònraichte – dìreach foirfe airson cruinneachadh teaghlaich speisealta no tachartas buidhne. 

•    Am baile as fhaisge: Obar Pheallaidh
•    Amannan seòlaidh: Gach latha, Giblean gu Samhain

www.highlandsafaris.net


Slighe Bàrdachd Corbenic 

Dùn Chailleann

Tha Slighe Bàrdachd Corbenic stèidhichte air talamh loidse seilge is oighreachd Dhruim Mhòir ri taobh frith-bhaile Throchraidh faisg air Dùn Chailleann. Chaidh an t-slighe a dhèanamh comasach agus tha i air a cleachdadh gu cunbhalach le Coimhearsnachd Chorbenic, a’ taisbeanadh obair cuid de na bàird as fheàrr a tha a’ còmhnaidh agus a’ sgrìobhadh ann an Alba. Tha am facail air an ion-chorpachadh don t-slighe, a’ cruthachadh “àite draoidheil agus brosnachail far am bi daoine, bàrdachd agus cruth-tìre a’ coinneachadh.” (Andy Jackson)

Bidh an neach-ealain ionadail, an snaigheadair cloiche Màrtainn Reilly, a’ sgrìobhadh loidhnichean de bhàrdachd airson Slighe Corbenic, agus cuideachd a’ trèanadh dhaoine eile sa choimhearsnachd ann an snaigheadh. Tha an t-slighe air a dèanamh suas à measgachadh de stuthan nàdarra agus a’ snìomh tro shliabh fosgailte, monaidhean, coilltean agus bruachan aibhnichean, a’ co-mheasgachadh le agus a’ comh-lìonadh na cruth-tìre mun cuairt agus gad stiùireadh gu oiseanan falaichte sìtheil a dh’fhaodadh a bhith gun fhios orra.   

Tha na bàird a tha air cur ris an t-slighe a’ gabhail a-steach John Glenday, Jim Carruth, Kenneth Steven, agus mòran a bharrachd.  Tha tachartasan bàrdachd beò air am planadh ann an àiteachan gnìomhaidh a tha air an cruthachadh a dh’aon ghnothaich air an t-slighe, agus tha na cruinneachaidhean de dhàin bho Shlighe Corbenic rim faotainn ann an Leabhar Slighe Bàrdachd Corbenic. Tha an t-slighe an-còmhnaidh fosgailte agus an-asgaidh do neach sam bith tadhal ann.

“Tha an iomairt eirmseach, smaoineachail agus tharraingeach seo a’ cur bàrdachd Albannach air ais air a’ mhapa.” (John Glenday)

•    Am baile as fhaisge: Dùn Chailleann
•    Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.corbenicpoetrypath.com


Highland Fling Bungee aig Ionad Luchd-tadhail Choille Chnagaidh 

Coille Chnagaidh

Mar dhachaigh do leum bungee ann an Alba, tha Highland Fling Bungee a’ stiùireadh na slighe le fruis mhòr adrenalin  – plùmba sìos don ghil mhòr àlainn is dràmadach os cionn Abhainn Garaidh.  Bhon àrd-ùrlar leum bungee, gabh leum sìos don dubh-aigeann agus fairich fruis saor-thuiteam 40 meatair aig 50 mìle san uair. Air do thruiseadh anns an t-sreang leum bungee agad, is e turas sàbhailte ach aoibhneach a tha seo agus dòigh air leth air ceangal ris a’ bhlàr mhòr a-muigh. 

Airson rudeigin eadar-dhealaichte, tha Highland Fling a’ leigeil leat luasgadh – gu sònraichte, a’ plumaideadh 15 meatair ann an saor-thuiteam bho àrd-ùrlar air a dhealbhadh a dh’aon ghnothaich  mus luathaich thu tro bhogha farsaing gu h-ìosal. Air do beartachadh ann an uidheam làn-bhodhaig, tha thu sàbhailte thu fhèin a bhogadh nad fhaireachdainnean ’s tu crochaichte taobh a-muigh do bhodhaig.

Mu dheireadh, is e dàn’-thuras ùr àrd-bhrosnachail a th’ anns an Killie Zip a bheir thu sìos sreath de naoi uèrichean fruis, a’ sguabadh bho chraobh gu craobh agus tarsainn an uisge aig àrdan de suas ri 35 meatair.  Air do bheartachadh le uidheam mud mheadhan agus a’ siubhal gu furasta timcheall a’ ghlinne bhòidhich aibhne seo, tha seo uile mu dheidhinn an turais, chan ann mun cheann-uidhe. 

Tha Highland Fling Bungee ri lorg aig Bealach Choille Chnagaidh, deich mìle bho Bhaile Chloichridh.  Tha dàn’-thursan gnìomhach eile rim faotainn, a thuilleadh air pasgain mheasgaichte, pasgain buidheann teaghlaich, deiridhean-sheachdain fhireannach is bhoireannach, agus eàrlasan tiodhlaic.  

•    Am baile as fhaisge: Coille Chnagaidh
•    Uairean fosglaidh: 10m gu 4f gach latha
•    Aois as ìsle: 14 bliadhna don bungee, 10 bliadhna don luasgain, 8 bliadhna don fhruis.  

www.bungeejumpscotland.co.uk


Pàirc Choille Cnoc Cheann Iùil 

Meadhan Baile-mòr Pheairt

Cuairt ghoirid bho mheadhan baile-mòr Pheairt, tha Pàirc Choille Cnoc Cheann Iùil a’ cuairteachadh còig chnuic: Cnoc Chòrsaidh, Cnoc Deuchny, Cnoc an t-Sabhail, Cnoc Binn agus an cnoc as àirde, Cnoc Cheann Iùil, a tha cuideachd na Làraich de Shuim Shònraichte Shaidheansail. 

Mar a’ chiad phàirc choillteach oifigeil ann an Alba, is e ceann-uidhe mheasail a tha seo do luchd-coiseachd agus luchd-rothaireachd le lìonra de shlighean stèidhichte, seallaidhean cuairteach thairis air a’ bhaile agus thar na dùthcha mun cuairt, agus lìonmhorachd de phlanntrais is bheathaichean.  

A’ tòiseachadh sa phàirc chàraichean aig Cnoc Chòrsaidh, tha ruighinneachd gu mullach Cnoc Cheann Iùil na cheum-coiseachd dìreach air rathad a tha comharraichte; biodh dùil agad ri beagan deuchainn air fèithean do chasan thar shìnidhean goirid de thalamh cas. Tha do shlighe gad thoirt fo dhubhar craoibh daraich, uinnsinn, beithe agus caorainn, a thuilleadh air giuthas Lochlannach agus  giuthas Albannach. Mar a bhios tu a’ sreap, dh’fhaodadh gum faic thu feòragan glasa is ruadha, eòin coille agus fiù fèidh. 

Aig a’ mhullach, tha do dhuais agad le fradharcan àibheiseach don a h-uile àirde – sìos gu Inbhir Abhainn Tatha a dh’ionnsaigh Dùn Dè agus Fìobha, an iar-dheas gu Monadh Ochail, an iar thairis air Peairt agus Beinn Mhùrlaig is Beinn Mhòr, agus tuath gu bun-chnuic a’ Mhonaidh Liath. Tha faoin-thogalach a’ chaisteil bhon 18mh linn, Tùr Cheann Iùil, ri fhaicinn air mullach creagach àrd os cionn na h-aibhne.  

•    Am baile as fhaisge: Peairt
•    Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.kinnoull.org.uk


An Gàrradh Fraoich, Cuairt Norie Miller agus Slighe Ìomhaighean 

Meadhan Baile-mòr Pheairt

Tha Pàirc Norie Miller ann am Peairt suidhichte dìreach beagan mhionaidean de choiseachd bho mheadhan a’ bhaile, tarsainn Drochaid na Banrigh aig ceann shìos na Sràide Deas. Air a bhruaich chlì a’ coimhead thairis air Abhainn Tatha, tha a’ phàirc a’ cruthachadh tèarmann sìtheil air falbh bho ghleadhraich is fuaim beatha sa bhaile-mhòr, loma-làn de chraobhan, preasan is planntrais-uisge tùsail. Coimhead a-mach airson cneamh a’ fàs fiadhaich ri taobh na h-aibhne agus bagaidean de dhromain cùbhraidh geal.  

Bhon phàirc, faodaidh tu cuairt thlachdmhor a ghabhail sìos Cuairt Taobh-aibhne Norie Miller a dh’ionnsaigh Ceann na Drochaid, tarsainn Drochaid Pheairt agus air ais a-steach don bhaile. No, theirig an taobh ceart-dhìreach an aghaidh sin, a dh’ionnsaigh Eilean Monadh Craoibhe, a’ rannsachadh nam faichean sgeadaichte agus na leabaidhean fhlùraichean dathtach ann an Gàrraidhean Rodney air an t-slighe.  Tha gu leòr de dh’àiteachan suidhe is bheingean san fharsaingeachd bhrèagha ghorm seo, agus staranan farsaing còmhnard airson ruigsinneachd do na h-uile.  

Beagan nas fhaide air adhart, lorgaidh tu an Gàrradh Fraoich air bruaichean sruthain beag.  A’ taisbeanadh còrr air 16,000 fraoch is planntrais mòintich a thuilleadh air sìtheanan fiadhaich dùthchasach, craobhan giuthais is beithe, is e an cruinneachadh fraoich as motha agus as ioma-chuimseach ann an Alba.

Mu dheireadh, thoir an aire do dh’ìomhaighean snaidhte Slighe Ealain Phoblach Abhainn Tatha an siud ’s an seo air gach taobh den abhainn. Tha an obair-ealain bharraichte seo air a brosnachadh leis a’ bhaile-mhòr agus a dhaoine, an abhainn agus a fiadh-bheatha: taisbeanadh a-muigh far a bheil ealain, cultar agus nàdar a’ co-mheasgachadh còmhla gun strì. 

•    Am baile as fhaisge: Peairt
•    Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.pkc.gov.uk/riversidepark


Slighe Dualchais Loch Lìobhainn

Ceann Rois

Is e Loch Lìobhann am buidheann uisge nàdarra as eu-domhainn ann an talamh-ìseal Bhreatainn, bogte ann an eachdraidh, air bhog le fradharcan iongantach agus lìonta gu saidhbhear le eòin, beathaichean agus beatha planntrais. Tha an loch ann an àite goireasach, furasta a ruighinn tarsainn meadhan Alba agus taobh a-staigh uair a thìde ann an càr gu Dùn Èideann, Glaschu agus Peairt. 

Tha Slighe Dualchais Loch Lìobhainn mar aon de na dòighean as fheàrr air tlachd a ghabhail à bith-iomadachd do-chreidsinneach na sgìre thèarainte seo agus na seallaidhean glòrmhor tarsainn an uisge. A’ leantainn na slighe chearcallaich de 13 mìle (21km) timcheall an loch, tha an rathad soilleir agus còmhnard, freagarrach do luchd-coiseachd de gach aois agus comas, a thuilleadh air luchd-rothaireachd, pramaichean agus luchd-caitheamh cathair-cuibhle.  

A’ coiseachd tro na coilltean agus na boglaichean an cois an locha, tha thu a’ roinn an fharsaingeachd seo le cùis-iongnaidh de eòin-uisge: an coloinidh lachan neadachaidh as motha san RA, na mìltean de gheòidh agus ealachan imrich as t-fhoghar agus anns a’ gheamhradh, agus iolairean-uisge as t-samhradh. Stad aig àite-falaich fiadh-bheatha a dh’fhaicinn dè a lorgas tu. 

Tha cothroman air stad airson cofaidh air an t-slighe, aig Lònach Loch Lìobhainn no ann an ceabain cofaidh an RSPB.  Tòisich air do chuairt aig Pàirc Kirkgate (Geata na h-Eaglaise) far an lorg thu àite parcaidh gu leòr, taighean-beaga agus raon-cluiche chloinne a tha sàr-mhath.  

Am baile as fhaisge: Ceann Rois

Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

Creideas deilbhe: @RossMitchell

www.rossmitchell.com

www.walkhighlands.co.uk


Cuairt Lady Mary

Craoibh

Air ainmeachadh às dèidh na Mnatha Uaisle Màiri Mhoireach, a bhuineadh do theaghlach de shealbhadairean fearainn ann an Craoibh tràth san 19mh linn, ’s e slighe air a bheil meas a th’ ann an  Cuairt Lady Mary sìos bruaichean Abhainn Èireann. Faodaidh tu an càr a pharcadh aig Pàirc MacRosty ann an Craoibh, agus an uair sin gabh an trac ceithir-mhìle a tha a’ tòiseachadh le bhith a’ dol tarsainn na drochaid a tha a’ boghadh thairis air Bùrn Turraid. Tha am frith-rathad air ath-ùrachadh gus a bhith freagarrach airson cathraichean-cuibhle, rothairean agus pramaichean.

Is e cuairt bhòidheach ri taobh na h-aibhne a tha seo, còmhnard sa mhòr-chuid agus freagarrach do chomasan uile. Theirig seachad fon t-seann chraoibh daraich, beithe, teile agus craobhan gheanm-chnò a tha a’ solarachadh dubhar as t-samhradh agus dathan brèagha foghair nas fhaide air adhart sa bhliadhna. Gabh air do shocair agus dh’fhaodadh gun lorg thu thu fhèin ann an cuideachd corran-gritheach agus biorrachan-crùidein, breacadain ghlasa, trìlleachain agus goibhnean-uisge. Tha biastan-dubha (dòbhrain) air am faicinn an seo cuideachd aig ciaradh an fheasgair. 

Tha grunn bheingean is ionadan-seallaidh an siud ’s an seo air Cuairt Lady Mary, a’ toirt seachad pailteas chothroman dhut stad agus tlachd a ghabhail às an t-sàmhchair mun cuairt ort.  Ma bhios tu airson do chuairt a dhol nas fhaide, gabh am frith-rathad leis na soidhnichean air adhart gu Cnoc Lagain far a bheil fearann coille measgaichte a’ fosgladh a-mach gu seallaidhean àlainn dùthchail, no lean ort fiù ’s nas fhaide gu Carragh-cuimhne Mhic a’ Bhàird. 

•    Am baile as fhaisge: Craoibh
•    Uairean fosglaidh: Fosgailte an-còmhnaidh

www.visitscotland.com


Sreap Chraobhan is Uèireadh Zip ann an Gleann Eagas 

Uachdar Àrdair

Aithnichte cuideachd mar The Glorious Playground, is e taigh-òsta sòghalach còig-rionnagan agus oighreachd seilge a th’ ann an Gleann Eagas aig teis-meadhan dùthaich Shiorrachd Pheairt. Bho na buill as òige den teaghlach gu an fheadhainn a tha òg nan cridhe, tha an talamh de 850 acaire mun cuairt Ghleann Eagas a’ tabhann mòran chur-seachadan gun chrìch air a’ bhlàr a-muigh airson spòrs teaghlaich agus dàn-thursan. 

Dhaibhsan a tha a’ coimhead ris na craobhan as àirde a sgèileadh agus eòlas a chur air oidhirp aocoltach ri gin sam bith eile, chan fhaod a’ ghnìomhachd co-cheangailte ri Sreap Chraobhan agus Uèireadh Fruis a call. Le cuideachadh bho oidean eòlach Ghleann Eagas, bidh dùbhlan ro inbhich agus clann le chèile, ag ionnsachadh mar a dhìreas iad an sgàil-bhrat de chraobhan ìceanach agus tlachd a ghabhail à seallaidhean iongantach nan cnoc mun cuairt ann an Siorrachd Pheairt, bho dhòigh-amhairc gun choimeas. Agus gun adhbhar air tilleadh sìos, faodaidh tu deagh chòrdadh fhaighinn à turas uèir-fruis 110m tron choille gus do thoirt air ais chun na h-oighreachd – an dòigh spòrsail!  

Mura h-e uèireadh fruis a tha thu ag iarraidh, tha Gleann Eagas a’ tabhann raon de ghnìomhachdan a-muigh bho bhith dhen an rathad, gu boghadaireachd gu seabhagaireachd – tha nì ann do gach neach aig The Glorious Playground. Faigh a-mach tuilleadh mu Ghleann Eagas agus a dhàn-thursan brosnachail don teaghlach air fad. 

Am baile as fhaisge: Uachdar Àrdair

www.gleneagles.com

 


Mar a Tha Nàdar na Bhuannachd dod Shlàinte  

Dè cho fada ’s a tha e a’ toirt ann an nàdar gu bhith a’ faireachdainn fallain agus le faireachdainn làidir de shunnd? A rèir ransachadh o chionn ghoirid, 120 mionaid.  Deagh naidheachd do neach sam bith a’ tadhal no a’ fuireach ann an Siorrachd bhòidheach Pheairt.

Lorg sgrùdadh air 20,000 neach, fo stiùir Mathew White bhon Ionad Eòrpach airson Àrainneachd is Slàinte Dhaonna ann an Oilthigh Exeter, gun robh sinne a bha a’ cur seachad dà uair a thìde san t-seachdain ann an àrainneachd ghorm gu mòr nas coltaiche a bhith ag aithris deagh shlàinte agus sunnd inntinneil, na iadsan nach robh. Bha na toraidhean fìor a thaobh diofar obraichean, buidhnean cinnidheach, daoine bho àiteachan saidhbhear is bochd, agus daoine le tinneasan is ciorraman maireannach.  

Is e an sgrùdadh seo as ùire ann an raon de rannsachadh a tha a’ cuimseachadh air nàdar mar a bhith na chasg no na chulaidh-leigheis air beatha ghnìomhach, làn uallaich an latha an-diugh. Tha na buannachdan iongantach a’ còmhdach sunnd corporra, inntinneil, agus faireachdainneil, a’ gabhail a-steach:  

  • bruthadh fala nas ìsle 
  • ìrean bhrodagan uallaich nas ìsle 
  • dùsgadh lùghdaichte air sisotam nearbhan 
  • fuincsean neartaichte siostam ion-dhìon 
  • fèin-spèis mheudaichte 
  • iomagan lùghdaichte 
  • faireachdainn de chiùineas is sunnd àrdaichte  
  • faireachdainnean iomallachd lùghdaichte  

Mar a thuirt Mathew White, tha na sgrùdaidhean “a’ comharrachadh a dh’ionnsaigh aon slighe: tha nàdar math a bhith agad, ach feumaidh e a bhith agad airson slàinte chorporra agus obrachadh inntinneil.”  

Cuir air dòigh oidhche no dhà ann an Siorrachd Pheairt gus na buannachdan fhaotainn a-nis!

Saor-làithean Spa is Tuba Teth

Aiteachan-fuirich Annasach